Mòr-ionad Gàidhlig airson Dùn Èideann / Gaelic hub for Edinburgh

Closed 16 Sep 2024

Opened 15 Jun 2024

Overview

Os-shealladh

Tha an suirbhidh seo ag amas air sgrùdadh a dhèanamh air na cothroman air ‘mòr-ionad’ Gàidhlig a stèidheachadh airson Dùn Èideann – àite sòisealta is cultarail far am b’ urrainn do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann tighinn còmhla airson diofar sheòrsaichean ghnìomhachdan is thachartasan Gàidhlig.

Tha an suirbhidh seo ga chur air dòigh le Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, buidheann carthannais a tha ag amas air mòr-ionad Gàidhlig a stèidheachadh agus Gàidhlig a bhrosnachadh ann an Dùn Èideann.

Tha sinn airson measadh a dhèanamh air an iarrtas a dh’fhaodadh a bhith ann airson mòr-ionad agus faighinn a-mach dè bhiodh daoine ag iarraidh faicinn ann am mòr-ionad. Dè na rudan dham bu chòir prìomhachas a thoirt airson am mòr-ionad a dhèanamh feumail agus tarraingeach?

Is e sgrùdadh tùsail a tha an seo a tha a’ feuchainn ri beachdan agus miannan farsaing na coimhearsnachd a mheasadh. Bidh mòran cheistean pragtaigeach ag èirigh nas fhaide air adhart, gu sònraichte a thaobh maoineachadh agus àite a’ mhòr-ionaid, ach chan eil sinn aig an ìre sin fhathast.

Tha an suirbhidh seo fosgailte do dhuine sam bith a tha 16 bliadhna a dh’aois no nas sine. Tha e gu sònraichte airson daoine a tha a’ fuireach ann an Dùn Èideann ach tha fàilte air daoine eile a tha ag iarraidh a lìonadh. Ma tha sibh ag iarraidh freagairt às leth buidhne, nach cuir sibh brath gu ionaddhuneideann@gmail.com.

Overview

This survey aims to explore the possibility of establishing a Gaelic ‘hub’ for Edinburgh – a social and cultural space where Gaelic speakers and learners in Edinburgh could come together for different kinds of Gaelic activities and events.

This survey is being conducted by Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, a charitable organisation that is working to develop a Gaelic hub and to promote Gaelic in Edinburgh.

We want to assess potential demand for a hub and find out what people might like to see offered in a hub. What things should be prioritised to make the hub useful and attractive?

This is an initial exploratory survey to assess the community’s general views and desires. There will be many important practical questions further ahead, especially concerning funding and a possible location, but we are not at that stage yet.

This survey is open to anyone aged 16 and over. It is primarily intended for Edinburgh residents but others are welcome to complete it.  If you would like to respond on behalf of an organisation or group please contact ionaddhuneideann@gmail.com.

Areas

  • All Edinburgh

Audiences

  • Residents

Interests

  • Arts and culture
  • Sport, activities and dance