Mòr-ionad Gàidhlig airson Dùn Èideann
Overview
Os-shealladh
Tha an suirbhidh seo ag amas air sgrùdadh a dhèanamh air na cothroman air ‘mòr-ionad’ Gàidhlig a stèidheachadh airson Dùn Èideann – àite sòisealta is cultarail far am b’ urrainn do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann tighinn còmhla airson diofar sheòrsaichean ghnìomhachdan is thachartasan Gàidhlig.
Tha an suirbhidh seo ga chur air dòigh le Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, buidheann carthannais a tha ag amas air mòr-ionad Gàidhlig a stèidheachadh agus Gàidhlig a bhrosnachadh ann an Dùn Èideann.
Tha sinn airson measadh a dhèanamh air an iarrtas a dh’fhaodadh a bhith ann airson mòr-ionad agus faighinn a-mach dè bhiodh daoine ag iarraidh faicinn ann am mòr-ionad. Dè na rudan dham bu chòir prìomhachas a thoirt airson am mòr-ionad a dhèanamh feumail agus tarraingeach?
Is e sgrùdadh tùsail a tha an seo a tha a’ feuchainn ri beachdan agus miannan farsaing na coimhearsnachd a mheasadh. Bidh mòran cheistean pragtaigeach ag èirigh nas fhaide air adhart, gu sònraichte a thaobh maoineachadh agus àite a’ mhòr-ionaid, ach chan eil sinn aig an ìre sin fhathast.
Tha an suirbhidh seo fosgailte do dhuine sam bith a tha 16 bliadhna a dh’aois no nas sine. Tha e gu sònraichte airson daoine a tha a’ fuireach ann an Dùn Èideann ach tha fàilte air daoine eile a tha ag iarraidh a lìonadh. Ma tha sibh ag iarraidh freagairt às leth buidhne, nach cuir sibh brath gu ionaddhuneideann@gmail.com.
Areas
- All Edinburgh
Audiences
- Residents
Interests
- Arts and culture
- Sport, activities and dance