Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, tha dleastanas reachdail air Comhairle Baile Dhùn Èideann taic a chumail ris a’ Ghàidhlig tro leasachadh Plana Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gun lean a’ Ghàidhlig a’ soirbheachadh. Is e seo an treas plana aig a’ Chomhairle, a’ mìneachadh na h-ath ìre de dh’obair gus a’ Ghàidhlig adhartachadh agus a h-ionnsachadh agus a cleachdadh ann an Dùn Èideann a mheudachadh.
Tha an dreachd plana a’ toirt cunntas air adhartas gu ruige seo, na prìomhachasan a thathar a’ moladh airson nan ceithir bliadhna a tha romhainn, agus dreachd plana buileachaidh, a’ mìneachadh ghnìomhan a thathar a’ moladh gus na h-àrd-amasan airson an ath phlana seo a lìbhrigeadh.
Bu chaomh leinn do bheachdan fhaighinn air na prìomhachasan agus na gnìomhan a tha sinn air a mholadh.
Bidh a’ cho-chomhairle a’ ruith còmhla ri conaltradh eile le prìomh bhuidhnean luchd-ùidh.
Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air a’ Phlana Ghàidhlig an dèidh ur beachdan fhaighinn agus thèid beachdachadh air aig a’ Chomataidh Poileasaidh is Seasmhachd, 28 Cèitean.
Thoiribh dhuinn ur beachdan - Freagraibh ceistean a’ cho-chomhairleachaidh ann an Gàidhlig
Fosgailte 22 Màrt 2023 - Dùnadh 6 Cèitean 2023
Gheibhear cuideachd an ceisteachan agus an dreachd plana ann an cànan no cruth eile. Cuir fios chun Seirbheis Eadar-mhìneachaidh is Eadar-theangachaidh (ITS) air its@edinburgh.gov.uk agus thoir seachad àireamhan iomraidh:
Under the Gaelic Language (Scotland) Act 2005, the City of Edinburgh Council has a statutory obligation to support Gaelic through the development of a Gaelic Language Plan to help ensure that Gaelic continues to thrive. This is the Council’s third plan, setting out the next phase of work to promote Gaelic and increase its learning and use in Edinburgh.
The draft plan describes progress to date, the priorities proposed for the next four years, and a draft implementation plan, setting out proposed actions to deliver the ambitions for this next plan.
We would like your views on the priorities and actions we have proposed.
The consultation will run alongside other engagement with key stakeholder groups.
The Gaelic Language Plan will be revised to take account of your feedback and will be considered by Policy and Sustainability Committee on 28 May.
Give us your views - Respond to the consultation in English
You can also get the questionnaire and draft plan in a different language or format. Please contact Interpretation and Translation Service (ITS) on its@edinburgh.gov.uk and quote reference numbers:
Share
Share on Twitter Share on Facebook